Eilidh from Teaghlach by Peter MacPherson
Tracklist
9. | Eilidh | 4:50 |
Lyrics
Tha slighe dhoirbh gu beanntan àrd ar n-eilein,
Tha 'n dìreadh garbh tron mhòintich is tron fhraoch,
Ach shil do dheòir nuair (thug mi) pòg dhut, Eilidh,
'S ar cuimhn' air lagan (anne) glas an taobh a' chaoil.
Thoir thusa dhomh-sa glòir nam briathran taitneach (tichnawch)
A labhair thu rium leannain, air (Un) an dùn,
Thoir thusa dhomh-sa dòigh air tilleadh dhachaigh
Gu lagan glas leat Eilidh, 'n taobh a' chaoil.
Gur fada uainn an cluain san d'fhuair sinn 'm bainne,
Sinn 'm baile glas na h-iargain 's a' mhì-rùin,
Mar nuallan bà a' geumnaich air a h-aineol,
Gur cruaidh ar càs 's gur easbhaidheach ar dùil.
O Eilidh, ghràidh, thoir dhomh do làmh is fan rium
'S gum faigh sinn far 'n do bhòidich sinn ar gaol,
Do chridhe blàth tha ghnàth a' stiùireadh m' aigne
Don lagan ghlas sa bhealach taobh a' chaoil.